Tha sinn an geall air dèanamh cinnteach gu bheil àm ri teachd seasmhach aig a’ Ghàidhlig ann an Alba agus air an dreuchd a tha againn ann a bhith:
- a’ cur am meud inbhe a’ chànain
- a’ toirt taic do chleachdadh agus leasachadh sgilean Gàidhlig
- a’ toirt gu ìre amasan Bòrd na Gàidhlig agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Tha am plana Gàidhlig againn a’ cur fòcas air cruthachadh ghoireasan conaltraidh thar nam prìomh raointean ris a bheil Achd na Gàidhlig a’ dèiligeadh, a’ gabhail a-steach:
- a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig follaiseach agus gu bheilear a’ cur meas oirre
- a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig luchd-obrach air trèanadh mothachadh air a’ Ghàidhlig agus anns a’ Ghàidhlig air feadh ùine a’ phlana
- a’ cur air adhart an tairgse Ghàidhlig againn do na gnothachasan, coimhearsnachdan agus daoine fa leth leis am bi sinn ag obair
Leugh ar Plana Cànain Gàidhlig.
Plana Gàidhlig: 2023 - 2028
Gaelic Language Plan: 2023 - 2028